Coisich, a Rùin
Coisich, a rùin, hù il oro
Cum do ghealdadh rium, o hi ibh o
Beir soraidh bhuam, hù il oro
Dha na Hearadh, boch orainn o
Beir soraidh bhuam, hù il oro
Dha na Hearadh, o hi ibh o
Gu Seon Caimbeul, hù il oro
Donn mo leannan, boch orainn o
Gu Seon Caimbeul, hù il oro
Donn mo leannan, o hi ibh o
Sealgair geòidh, hù il oro
Ròin is eala, boch orainn o
Sealgair geòidh, hù il oro
Ròin is eala, o hi ibh o
Bhric a ní leum, hù il oro
'N fhèidh ri langan, boch orainn o
'S fliuch an oidhche, hù il oro
Nochd's gur fuar i, o hi ibh o
Ma thug Clann Nìll, hù il oro
Druim a' chuain orr', boch orainn o
Ma thug Clann Nìll, hù il oro
Druim a' chuain orr', o hi ibh o
Luchd nan seòl àrd, hù il oro
'S nan long luatha, boch orainn o
Luchd nan seòl àrd, hù il oro
'S nan long luatha, o hi ibh o
'S nam brataichean, hù il oro
Gorm is uaine, boch orainn o
'S nam brataichean, hù il oro
Gorm is uaine, o hi ibh o
Cha b'fhear cearraig, hù il oro
Bheireadh bhuat i, boch orainn o