A Ghaoil, Leig Dhachaigh Gum Mhàthair Mi (Love, Let Me Home to My Mother)
A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi
A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi
A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi
An tòir chrodh-laoigh a thàine mi.
Gur ann a-raoir a chuala mi
Mo ghaol a bhith ri buachailleachd,
'S ged fhuair thu 'n iomall na buaile mi,
A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi.
'S mi dìreadh ris na gàrraidhean,
'S a' teàrnadh ris na fàirichean,
Gun d' thachair fleasgach bàigheil rium,
'S cha d' dh' fheuch e bonn ga chàirdeis rium.
Ged bheireadh tu crodh agus caoraich dhomh,
Ged bheireadh tu eachaibh air thaodaibh dhomh,
Ged bheireadh tu sin agus daoine dhomh,
A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi.
Trodaidh m' athair 's mo mhàthair riut,
Trodaidh mo chinneadh 's mo chàirdean riut,
Ach marbhaidh mo thriùir bhràithrean thu
Mura tèid mi dhachaigh mar thàine mi.
Gheall mo mhàthair gùn thoirt dhomh,
Gheall i ribean a b' ùire dhomh,
Is gheall i breacan ùr thoirt dhomh
Ma thèid mi dhachaigh mar fhuair thu mi.
A ghaoil , leig dhachaigh gum mhàthair mi
A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi
A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi
A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi